Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Flora MacNeil > Orain Floraidh > Mo Dhòmhnullan Fhèin
|
Mo Dhòmhnullan Fhèin |
| Credits : | Neil MacLeod; arranged by Flora MacNeil |
| Appears On : | Orain Floraidh |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Other Versions : |
"
Mo Dhòmhnallan Fhèin
" on Julie Fowlis' album Cuilidh
" Mo Dhomhnullan Fhéin " on Sìleas' album Play On Light |
| Lyrics : | English Translation : |
| Nuair chruinncheas an òigridh | When the young gather |
| Gu mire 's gu sòlas | For sport and play |
| Bidh mise nam ònar | I will be alone |
| An seòmar gun ghleus | In a room without music |
| A' cuimhneachadh còmhradh | Remembering conversations |
| A fhleasgaich a leòn mi | With the lad who caused me pain |
| 'S an gaol thug mi òg | And the love I gave young |
| Do mo Dhòmhnullan fhèin | To my own Donald |
| Bidh m'athair 's mo mhàthair | My father and mother |
| Ri gearain 's ri cràmhan | Complain and moan |
| A cantainn nach fheàrr mi | They say I am no better |
| Na pàisde gun chèill | Than a foolish child |
| Mo ghaol thoirt a dh'òigfhear | To give my love to a young man |
| Bhios daonnan a seòladh | Who is always at sea |
| 'Sa sgaoileas a stòras | And gives gifts |
| Gun ghò ris gach tè | To every girl |
| Nuair thachradh an còmhlan | When the company meet |
| 'S a'chlachan Didòmhnaich | In the village on Sunday |
| Nam measg cha robh òigfhear | Among them there was no young man |
| Cho còmhnard na cheum | As surefooted |
| Cho beusail 'na chòmhradh | Nor as well spoken |
| Cho fearail na dhòighean | And manly in his ways |
| Bhiodh sùil aig gach òigh | All the young girls admire |
| Air mo Dhòmhnullan fhèin | My own Donald |
| Tha dualagan bòidheach | I have a lock |
| Dhe d' chuailean 'nam phòca | Of your hair in my pocket |
| Do dhealbh air a còmhdach | Your photograph is |
| Le òr ann an cèis | In a gold frame |
| Do shùilean cho beò leam | Your eyes are alive to me |
| Do ghruaidh mar na ròsan | Your cheeks are like the rose |
| Ag ùrachadh dhòmhsa | Reminding me of |
| Mo Dhòmhnullan fhèin | My own Donald |
| Tha bliadhn' agus còrr | There is a year or more |
| Bho na thriall e 'o eòlas | Since he left home |
| 'S tha iomhaigh cho beò leam | His face is as alive to me |
| 'S ged sheòladh e 'n dè | As if he had sailed yesterday |
| Cha ghèill mi do dh'òigfhear | I won't consider any young man |
| 'S cha chèill mi na bòidean | And I won't break the promise |
| Na gaol a thug mi òg | That I gave when young |
| Do mo Dhòmhnullan fhèin | To my own Donald |